lirikcinta.com
a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 #

lirik lagu abhainn an t – sluaigh – runrig

Loading...

chan eil an t-adhar os cionn lunnainn
a-nochd soilleir no dorch
fada bho abhainn an t-sluaigh
gun sgial air coinneal mòr latha
no reultan na h-oidhche
fada bho abhainn an t-sluaigh
an seo s’am baile gun chadal
gun fhois is gun saorsa
fada bho abhainn an t-sluaigh

casan a’ gluasad an abhainn an tuil
fada bho abhainn an t-sluaigh
na cuibhlichean ‘s cabhaig
a tionndaidh gun sgur
fada bho abhainn an t-sluaigh
cus ag adhradh beairteas
air altair an t-shaoghail
fada bho abhainn an t-sluaigh
càch gun dochas gun dachaidh
air sràidean gun ghaol
fada bho abhainn an t-sluaigh
leis gach dath ‘s gach creideamh
gach cainnt is gach ceàrn
fada bho abhainn an t-sluaigh
gach ceist is gach freagairt
sìos an abhainn gu cuan
fada bho abhainn an t-sluaigh

lirik lagu lainnya :

YANG LAGI NGE-TRENDS...

Loading...