lirik lagu àrd – runrig
madainn dihaoine ‘s dùthaich fo sgòth
‘s mi sgìth le cuid smalan,
mi-mhisneachd is bròn
seo an deicheamh là dhan
a’ ghiblean ‘sinn fo ghruaim a rithist
an co-dhùnadh a cheannaich
na daoine aig prìs
tha spiorad nan daoine
nas soilleir na ghealach
nas doimhne na ‘n cuan
gheibh sinn ar n-àite ‘san t-saoghal
‘s an ginealach ùr
àrd: blàr nan daoine
àrd: guth is saorsa
àrd: tha sinn gluasad
gu h-àrd thèid sinn suas
‘s iomadh trioblaide romhainn
nis gàidheal agus gall
‘s mi le aon sùil air eachdraidh,
aon sùil mo chlann
ach cùm creideamh nad bheatha,
sonas nad chridhe
chan e seo deireadh rathaid
ach toiseach linn
tha spiorad nan daoine
nas soilleir na ghealach
nas doimhne na ‘n cuan
gheibh sinn ar n-àite ‘san t-saoghal
‘s an ginealach ùr
àrd: blàr nan daoine
àrd: guth is saorsa
àrd: tha sinn gluasad
gu h-àrd thèid sinn suas
àrd: blàr nan daoine
àrd: guth is saorsa
àrd: tha sinn gluasad
gu h-àrd thèid sinn suas
chan urrain dhomh fuireach
an taigh tha fo sgòth
ach le creideamh is dòchas
mu deireadh mo là
tha an lasair nad anam
aig meadhan do bhith
nas laidir ‘s nas motha
na riaghaltas no rìgh
àrd: blàr nan daoine
àrd: guth is saorsa
àrd: tha sinn gluasad
gu h-àrd thèid sinn suas
lirik lagu lainnya :
- kumpulan lirik lagu droid bishop › lirik lagu silver screen – droid bishop
- kumpulan lirik lagu 64studios101 › lirik lagu (try to) be a clown – 64studios101
- kumpulan lirik lagu toni jones › lirik lagu being real is the new fake – toni jones
- kumpulan lirik lagu alan walker k 391 boy in space › lirik lagu paradise – alan walker, k-391 & boy in space
- kumpulan lirik lagu teodasia › lirik lagu out of time – teodasia
- kumpulan lirik lagu plasthic slash roth b the maverick › lirik lagu illuminate mindstate – plasthic slash & roth b the maverick
- kumpulan lirik lagu bella ind › lirik lagu i’m a kid – bella (ind)
- kumpulan lirik lagu younha 윤하 › lirik lagu on a rainy day- (romanized) – younha (윤하)
- kumpulan lirik lagu j lleka › lirik lagu поэзия ххi – j. lleka
- kumpulan lirik lagu leemoeflvme › lirik lagu applyin pressure – leemoeflvme