lirikcinta.com
a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 #

am feum thu a ràdh a-rithist? - gillebrìde macmillan lyrics

Loading...

thuirt thu rinn an*dè mar a bha
‘s an*diugh mar a tha
is canaidh tu a*màireach tha mi cinnteach
mar a bhios
ach an èistear riut ag aithris do sgeòil
no am feum thu a ràdh a*rithist, a*rithist, a*rithist?
am feum thu, feum thu a ràdh a*rithist?

bha na daoine chunnaic is iad thall
ag innse mun chall
nuair a thill iad às an spàirn
air tighinn a*nall
ma thug iad comhairle dhaibh
diù dhiubh cha do ghabh
rinn iad an sùilean dall an dèidh gach àm
sùilean, rinn iad an sùilean dall

cha bhi sinne ag iarraidh ach sìth
gun duine le dìth
is nach b’ fheàrr leinn bhith leinn fhìn
mura bi
ach tha sinn a*seo a*rithist
gan sìneadh sa chill
fealla*dhà air dhol gu fealla*trì
fealla*dhà air dhol gu fealla*trì
fealla*dhà air dhol gu fealla*trì
cancel

Random Song Lyrics :

Popular

Loading...