leisgeulan fann - balach lyrics
[verse 1]
searradh amhaich am meadhan an earraich
ùr*bhreith nam ìnean
a’ siubhal air ite ‘s ag amharc le uaill
uan a*measg nan sìthean
[verse 2]
ri grìosadh an teine agam fhìn le mòine
connadh gus fuath a sgapadh mun cuairt
tha ‘n fhuachd ann a*nis, tha mo bhruadairean cho trom
gun fuath do dhuin’ ach mi*fhìn
[chorus]
bu mhiosa buileach gur mis’ a bhios tùrsach
‘s nì rànail air òrdag bun os cionn air youtube
cha lorg fear brèige an solas na grèine
àite falaich air cùlaibh leisgeulan fann
‘s iad a tha gann, iad a bha ann
‘s cha lorg mi maitheanas mura h*èist iad rium
chan eil mise fiùghail ach a’ faighneachd co*dhiù
eil sealladh na fala tabhachd blàths na do bhrù?
[verse 3]
fuil is fallas, dùil ri gamhlas
drùidhte bha na sìtheanan
dòrtadh gu socair, na boinneagan blàth
an tiodhlac bha nam ìnean
[verse 4]
le samhradh cha tàinig blàths man a b’ àbhaist
ach futhar is bruthainneachd chruaidh
thàinig sgòthan a rabhadh uisg’ a rinn bàthadh
ach nach mùchadh an nàire nam ghruaidh
[chorus}
bu mhiosa buileach gur mis’ a bhios tùrsach
‘s nì rànail air òrdag bun os cionn air youtube
cha lorg fear brèige an solas na grèine
àite falaich air cùlaibh leisgeulan fann
‘s iad a tha gann, iad a bha ann
‘s cha lorg mi maitheanas mura h*èist iad rium
chan eil mise fiùghail ach a’ faighneachd co*dhiù
eil sealladh na fala tabhachd blàths na do bhrù?
[instrumental]

Random Song Lyrics :
- let it rain - david duchovny lyrics
- water or gasoline - blackie and the rodeo kings lyrics
- la mia posse è troppo larga - bassi maestro lyrics
- prachy & fame - pastor lyrics
- baby - attakan lyrics
- drexler - made in heights lyrics
- easy prey - arsis lyrics
- lost again - mac mccaughan lyrics
- bloodthirsty - lopsizm lyrics
- eye to eye - nightstones lyrics