
nam faighte long dhomh - calum alex macmillan lyrics
na faighte long dhomh gun cuirinn a*null thu
far bheil do mhuintirr an eilean leòdhais
is chuirinn fhèin ann an cladh na h*aoidh thu
mus caidlinn oidhch’ far an robh mi eòlach
is thus air bòrd innt bu luath a sheòlainn
is ruiginn leòdhas gu sgiobalt’ gleusd
‘s chuirinn canada a*mach à fàire
na seasadh spàr air a sail na deidh
‘n ear san ear*thuath is mi ga stiùireadh
‘s e sin an cùrsa gu rònaidh tuath
dheidh car na cuibhle gu ceann an tiumpan
gu tigh a’ bhìbear ri roinn na stòr
ri dol mu shiadair gur mi bhiodh cianail
ged tha seachd bliadhna bhon dh’ fhàg mi e
‘s mi faicinn saothar do chuirp ‘s do làmhan
gun cheò no blàths’ ann nad fhàrdach fhèin
ged bhithinn tùrsach gun cumainn suas i
cha rachainn tuath ri sguir iomhair leth
ach stiùirinn fhèin i air cùrsa dhìreach
is gabhainn air tir leatha aig ceann a’ bhràigh
thigeadh do chàirdean thoirt urram bàis dhut
‘s iad gad ghiulan gu teach na cnamh
‘s nach biodh m’ athairsa dhomhsa sealltainn
an àit’ bu mhiann leat aig àm do bhàis
chuirinn sìos thu sa chadal iarrain
far na dh’ fhàg thu d’ fhiacaill, ‘s do bhean ‘s do phàisd
an àit bu mhiann leat nuair dheidh an ùir ort
ri taobh na triùir ud gu bhith nad thàmh
ach tha mi ‘n dòchas gu bheil thu sàbhailt
‘s gun coinnich mi fhìn riut ‘s ri mo bhràthair
far an tèid na h*oidhean a*steach le aoibhneas
‘s cha sguir an t*seinn ann a dh’ oidhch no latha
you might also like
Random Song Lyrics :
- suéltate el pelo (tini tour 2022 versión) - tini lyrics
- 舌尖紋了瑪利亞 (maria on my tongue tip) - 麥浚龍 (juno mak) lyrics
- ako odes preko da li ces se vratiti - ourmoney lyrics
- good compenny freestyle - jari$ lyrics
- broken strings - t-low lyrics
- 64 bars - goonew lyrics
- veelparem - @villemdrillem lyrics
- nuages noirs - 0some lyrics
- ja ne znam ko si ti - konvoj lyrics
- am i alive? - neodereine lyrics