
chì mi na mòrbheanna - iain camshroin lyrics
[verse 1]
o, chì, chì mi na mòrbheanna;
o, chì, chì mi na còrrbheanna;
o, chì, chì mi na coireachan
chì mi na sgorran fo cheò
chì mi gun dàil
an t*àite ‘san d’ rugadh mi;
cuirear orm fàilte
‘sa chànan a thuigeas mi;
gheibh mi ann aoidh
agus gràdh nuair ruigeam
nach reicinn air thunnachan òir
o, chì, chì mi na mòrbheanna;
o, chì, chì mi na còrrbheanna;
o, chì, chì mi na coireachan
chì mi na sgorran fo cheò
[verse 2]
chì mi ann coilltean;
chì mi ann doireachan;
chì mi ann maghan bàna is torraiche;
chì mi na fèidh
air làr nan coireachan
falaicht’ an trusgan de cheò
o, chì, chì mi na mòrbheanna;
o, chì, chì mi na còrrbheanna;
o, chì, chì mi na coireachan
chì mi na sgorran fo cheò
[verse 3]
beanntaichean àrda
‘s àillidh leacainnean;
sluagh ann an còmhnaidh
is còire chleachdainnean;
‘s aotrom mo cheum
a’ leum ‘gam faicinn;
is fanaidh mi tacan le deòin
o, chì, chì mi na mòrbheanna;
o, chì, chì mi na còrrbheanna;
o, chì, chì mi na coireachan
chì mi na sgorran fo cheò
[verse 4]
fàgaidh mi ùpraid
sùrd, agus glagaraich
dh’fhaicinn na tìr
an cluinnt’ a’ chagaraich
fàgaidh mi cùirtean
dùinte agus salach
a dh’amharc air gleannaibh nam bò
o, chì, chì mi na mòrbheanna;
o, chì, chì mi na còrrbheanna;
o, chì, chì mi na coireachan
chì mi na sgorran fo cheò
[verse 5]
fàilt’ air na gorm*mheallaibh
tholmach, thulachanach
fàilt’ air na còrr*bheanna
mòra, mullanach
fàilte air na coilltean
‘s fàilte air na h*uile
o, ‘s sona bhi ‘fuireach ‘n an còir
o, chì, chì mi na mòrbheanna;
o, chì, chì mi na còrrbheanna;
o, chì, chì mi na coireachan
chì mi na sgorran fo cheò
Random Song Lyrics :
- nuvem de lágrimas (part: ângela maria) - agnaldo timóteo lyrics
- u.s.a. - diamond deuklo lyrics
- step into the joy - sandi patty lyrics
- ice cream - greekazo feat. dree low lyrics
- atmosphere - rob wellz (rap) lyrics
- rang - hashmat sultana lyrics
- anonymes - paroxysm lyrics
- tlen - elliotebayo lyrics
- enough's enough - jon gibson lyrics
- дорота - віктор морозов lyrics