
chan eil a' chùis a' còrdadh rium - kim carnie lyrics
dh’èirich mi moch latha na fèille
is trom mo cheum ‘s cho neònach e, o
hoireann ò ro huraibh ò
chan eil a’ chùis a’ còrdadh rium, o
hoireann ò ro huraibh ò
buntàta ùr is truinnsear maoraich
chuir mo ghaol gu bòrd agam, o
hoireann ò ro huraibh ò
chan eil a’ chùis a’ còrdadh rium, o
hoireann ò ro huraibh ò
dh’fhalbh mi leis an damh bheag lachdann
feuch am faighinn dròbhair dha, o
hoireann ò ro huraibh ò
chan eil a’ chùis a’ còrdadh rium, o
hoireann ò ro huraibh ò
dh’fhuirich mi gu beul na h*oidhch’
‘s cha robh a’ phrìs a’ còrdadh rium, o
hoireann ò ro huraibh ò
chan eil a’ chùis a’ còrdadh rium, o
hoireann ò ro huraibh ò
shuidh mi ann an gleannan fraoich
ri taobh fear de na dròbhairean, o
hoireann ò ro huraibh ò
chan eil a’ chùis a’ còrdadh rium, o
hoireann ò ro huraibh ò
nuair chunnaic mi na bha gam ionnsaigh
chuir iad cùram mòr orm, o
hoireann ò ro huraibh ò
chan eil a’ chùis a’ còrdadh rium, o
hoireann ò ro huraibh ò
thàinig fear airgead nam bochd
is poca beag marroc’ aige, o
hoireann ò ro huraibh ò
chan eil a’ chùis a’ còrdadh rium, o
hoireann ò ro huraibh ò
mura pàigh thu mi sa mhionaid
cha bhi idir bhòt agad, o
hoireann ò ro huraibh ò
chan eil a’ chùis a’ còrdadh rium, o
hoireann ò ro huraibh ò
thàinig marsanta na mine
litrichean na dhòrn aige, o
hoireann ò ro huraibh ò
chan eil a’ chùis a’ còrdadh rium, o
hoireann ò ro huraibh ò
labhair e ‘s a ghuth air chrith
a bheil dad idir dhòmhs’ agad? o
hoireann ò ro huraibh ò
chan eil a’ chùis a’ còrdadh rium, o
hoireann ò ro huraibh ò
thàinig marsanta na tì
‘s dha*rìribh cha do chòrd e rium, o
hoireann ò ro huraibh ò
chan eil a’ chùis a’ còrdadh rium, o
hoireann ò ro huraibh ò
thug thu riarachadh do chàich
ged nach eil fàirdean dhòmhs’ agad, o
hoireann ò ro huraibh ò
chan eil a’ chùis a’ còrdadh rium, o
hoireann ò ro huraibh ò
chan eil a’ chùis a’ còrdadh rium, o
hoireann ò ro huraibh ò
Random Song Lyrics :
- ramune - kyuuwaii lyrics
- yine ben tek - kolera lyrics
- oh!maria - heartless lyrics
- gettin wasted - marlon craft lyrics
- fair enough - peri rae lyrics
- потому что (because) - donbaton lyrics
- internet - fijimar lyrics
- give it all for you - dallas chapman lyrics
- +wocktris+ - luvprada lyrics
- ruina - bimbim lyrics