
latha math - mànran lyrics
[verse 1]
ag èirigh tràth anns a’ mhadainn
a’ ghrian a’ deàrrsadh sìos
tha àile na mara a’ tighinn tron uinneig
tha h*uile duin’ an àirde
[verse 2]
tha an abhainn làn le pailteas uisge
tha am bradan a’ tighinn a*rithist
tha na balaich bheaga shios air an drochaid
feuch an glac iad aon no dhà
[chorus]
latha math air an eilean
eilean leòdhais mo ghràidh
latha math air an eilean
dachaigh mo smuaintean gu bràth
[verse 3]
tha an t*earrach ann ’s na làithean fada
tha na h*uain a’ ruith mun cuairt
tha na bodaich a*muigh a’ buain na mòna
tha an t*àm sin air tighinn a*rithist
[chorus]
latha math air an eilean
eilean leòdhais mo ghràidh
latha math air an eilean
dachaigh mo smuaintean gu bràth
[verse 4]
tha a’ ghealach shuas ’s a’ ghrian na cadal
tha an oidhche nis air tighinn
tha e sàmhach is ciùin tron an eilean
tha e math a bhith beò
tha e math a bhith beò
[chorus]
latha math air an eilean
eilean leòdhais mo ghràidh
latha math air an eilean
dachaigh mo smuaintean gu bràth
latha math air an eilean
eilean leòdhais mo ghràidh
latha math air an eilean
dachaigh mo smuaintean gu bràth
dachaigh mo smuaintean gu bràth
Random Song Lyrics :
- liberdade ltda - no milk today lyrics
- lud za njom - tbf lyrics
- leaving everything - these five years lyrics
- forever - original broadway cast of shrek: the musical lyrics
- super mario chodes - shotgun willy lyrics
- quickdraw - zotiyac lyrics
- addicted (live) - schiller lyrics
- η ζήλια μοναξιά (l'envie d'aimer) - helena paparizou lyrics
- sellons avenue - patrin kibuuka-musoke lyrics
- baño de luna - melina león lyrics