
da mhile bliadhna - runrig lyrics
fo na gealaichean
air rathad dà mhìle bliadhn’
thoir dhuinn an àireamh nuadh
na làithean buan
cò chreideadh na dh’fhairich sinn
‘s na chunnaic sinn ri ar linn?
thoir dhuinn an àireamh nuadh
na làithean buan
dh’fhàs am fàsach suas
far an do chuir sinn sìol ar nàire
thoir dhuinn an àireamh nuadh
na làithean buan
dìleab mòr nan daoine
an t-acras is am pathadh
thoir dhuinn an àireamh nuadh
na làithean buan
anns an aineolas
chàidh ar gàirdeachas air chall
thoir dhuinn an àireamh nuadh
na làithean buan
dà mhìle bliadhna
air an rathad leathainn mhall
thoir dhuinn an àireamh nuadh
na làithean buan
tha mi a’ dìreadh a’ chnuic as àird’
airson sealladh dhan an talamh
air cùl a’ ghlinne taobh eile thall
air sràidean baile a-mhaireas
an là nach crìochnaich is nach gluais
thoir dhuinn an àireamh nuadh
na làithean buan
tro na h-àireamhean
mar fhàradh thèid sinn suas
thoir dhuinn an àireamh nuadh
na làithean buan
anns an dealachadh
atharraichidh sinn an am priobadh sùil
thoir dhuinn an àireamh nuadh
na làithean buan
Random Song Lyrics :
- salute to my sisterz - nye hughes lyrics
- bastard's seed - bloodred hourglass lyrics
- elhaam - farzan lyrics
- dying dream - mr. strange lyrics
- верните мне мой 2007! (give me back my 2007!) - cmh lyrics
- buu - pasteur lyrics
- hölle auf erden - frank wildhorn and jack murphy lyrics
- intro-verted - napoleon da legend lyrics
- casa-montréal - casa crew lyrics
- sticks and stones / danger in the jungle (live) - kings kaleidoscope lyrics