
an innis aigh - the rankin family lyrics
[verse 1]
seinn an duan seo dhan innis àigh
an innis uaine as gile tràigh
bidh sian air uairean a’ bagairt cruaidh ris
ach ’s e mo luaidh*sa bhith ann a’ tàmh
[verse 2]
càit’ as tràith’ an tig samhradh caomh
càit’ as tràith’ an tig blàth air craoibh
càit’ as bòidhche an seinn an smeòrach
air bhàrr nan ògan? ‘s an innis àigh!
[verse 3]
tiugainn leam*sa chun na tràigh
‘s an fheasgar chìuin*ghil aig àm an làin
‘s chì thu ‘m bòidhchead ‘s an liuthad seòrsa
de dh’eòin tha còmhnaidh ‘s an innis àigh
[verse 4]
an t*iasg as fiachaile dlùth don tràigh
is ann m’a chrìochan is miann leis tàmh;
bidh gillean èasgaidh le dorgh is lìontan
moch, moch ga iarraidh mun innis àigh
[verse 5]
o ‘s geàrr an ùine gu ‘n teirig là;
thig an oidhche ‘s gun iarr mi tàmh
mo chadal buan*sa bidh e cho suaimhneach
ma bhios mo chluasag ‘s an innis àigh
seinn an duan seo dhan innis àigh
Random Song Lyrics :
- solamente - tosran lyrics
- big body money - leancrazy! lyrics
- phantom love - mitis lyrics
- всё чем дорожил (everything i valued) - pepel nahudi lyrics
- amor de bandido - babycl lyrics
- smack that - lichkid lyrics
- snowin' - a.p.a.t.t. lyrics
- straight line, big days - tioklu lyrics
- got to feel love* - fka twigs lyrics
- lemon pepper freestyle - sensei jay lyrics