lirikcinta.com
a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 #

lirik lagu òran an fheòir – calum alex macmillan

Loading...

s ann ort a bha coltas le t*fhallus mu d’ ghnuis
ri gearradh a ghlais fheur, le speal nach robh ùr
cha ghleidheadh i an gliasadh, ach beagan de dh’ uin
bha am faobhar air caitheamh cho fada gu chùl

am feur rinn thu spealladh air leig ann’ ‘ic caoidh
a thiormaich thu criona, air glasach an uillt
air a thorradh na thudain bha cumhad cho grinn
chuir na balaich le ‘n cuidthrom, a chruth bun os cionn

chaidh an t*uisge steach troimhe, bho mhullch gu mhàs
air fàs teth na mheadhon. agus malcaidh air fàs
faileadh dongaidh dheth tighinn a mach as a bharr
is b’ fheudar a sgapadh, le forc agus graip
is ann shios air an talamh, aig fasgadh an uillt
bha an goca den ghlais fheur a sgioblaich thu cruinn
chaidh a mhilleadh le balaich, bha goid air an oidhch’
chan itheadh an t*each e, an gabhuinn na ‘n laogh

thog thu ‘n goca na eallach, le taod air do dhruim
is shlaod thu e dhachaidh, bho ghlasadh an uillt
ged rinn thu e chrathadh, sa sgaoileadh ri gaoith
sa thionndeadh le forca cha thiormaich e chaoidh

bha thusa den bheachd, nach fhaigheadh balaich co*dhìu
a*steach air a challaid, chuir thu timchеall an uillt
ach fiach nach e seoni, tha shios aig a’ bhùth
is alasdair an phortair, a chreach thu sa spùin

tha iadsan cho abhcaidеach seòlta agus ciunn
le ‘n dibhearsain gun mhill iad, an goc ort co*dhiù
ged a dhèanadh tu a sgolladh, sa ghlanadh san allt
bithidh faileadh is boladh, ga leantainn a chaoidh

‘s e bu choir dhuit a dhèanamh dheth siaman feòir
sa thoinneamh mum amhaich san tachdadh ‘s iad beò
toirt orrasan ithe, gach sop agus dlo
den fheur chaidh a mhilleadh, ‘s nach itheadh a bhò

do mhallachd gan leantainn, am fad bhios iad beò
son a chall a chaidh ortsa aig milleadh an fheòir
ach dean thus an ath bhliadhna, callaid bhios mòr
le cord iarrainn gathach ‘s cha tig iad na choir
you might also like

lirik lagu lainnya :

YANG LAGI NGE-TRENDS...

Loading...