lirikcinta.com
a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 #

lirik lagu thug iad a thung thu – calum alex macmillan

Loading...

gu dè ged dh’èireadh a’ ghrian
gu dè ged a ghoireadh na h*eòin?
ceòl fìdhle no pìoba cha dèan
dèan sugraidh dhomh dhùsgadh dham dheòin

thug iad a thung a’ bhradain ‘s a’ mhurain thu
thug iad a*null a dh’fhuireach, a lurain, thu;
a*null air an fhadhail mo bhalachan bàn chaidh
a*null air an fhadhail mo bhalachan bàn chaidh

gu dè ged a chinneadh mo bhàrr
lìonmhor ged dh’fhàsadh mo bhuar?
cha lìon is cha bhlàthaich siud d’ àit
às d’ eugmhais tha fàs falamh fuar
gur binne gu mòr leam do ghàir
na ‘n ceòl thig o chlàrsaich nan teud
na ‘n uiseag air moch mhadainn mhàigh
na chuthag ‘s gug*gug aic’ air gheug

chaoidh do cholainn na agradh an stàit
gu bhith leatha ‘s na blàiribh ri spòrs
mar nach biodh annad, a ghràidh
ach tàileasg len cluichear air bòrd

o sguiribh, luchd eanchainnean geur’
dheilbh lèir*sgrios a dh’oidhche ‘s a lò;
ur n*eagnaidheachd cuiribh gu feum
is fàgaibh mo bhalachan*sa beò
you might also like

lirik lagu lainnya :

YANG LAGI NGE-TRENDS...

Loading...