lirik lagu eilean uibhist mo rùin – dóchas
eilean uibhist mo rùin
eilean cùbhraidh nam beann
eilean uibhist mo rùn
b’e mo dhùrachd bhith ann
an eilean uibhist mo rùn
b’e mo shòlas bhith air m’ eòlas
san eilean bhòidheach ud thall
far am faic mi mo chàirdean
‘s gheibhinn fàilte nach gann
an eilean uibhist mo rùn
far am faic mi fìr òga
ghearradh mòine nan deann
‘s a ghearradh snasail an t-eòrna
‘s a chuireadh dòrlach sa bhann
an eilean uibhist mo rùn
far am faic mi fìr liatha
glic-bhriathrach nan cainnt
mean-bheachdach sean-eòlach
a’ toirt seòladh don chloinn
an eilean uibhist mo rùn
far am faic mi mnathan uasal
aoigheil, uallachal, trang
tha ro-ainmeil nan stòltachd
‘s an gnìomh dòigheil nan làimh
an eilean uibhist mo rùn
tha coibhneas is bàigh
‘gabhail àit’ ann an com
gach neach a chaidh àrach
fo sgàile nam beann
an eilean uibhist mo rùn
bi aoigheachd is fàilte
gu bràth feadh nan gleann
fad ‘s a bhuaileas air tràigh
boinne sàile nan tonn
an eilean uibhist mo rùn
‘s e slàn leis na dh’fhàg mi
bheir mo dhàn-sa gu ceann
‘s le m’ phiuthar, ‘s le m’ bhràithrean
‘s le m’ phàrantan thall
an eilean uibhist mo rùn
eilean cùbhraidh nam beann
eilean uibhist mo rùn
b’e mo dhùrachd bhith ann
an eilean uibhist mo rùn
lirik lagu lainnya :
- kumpulan lirik lagu rhead brothers › lirik lagu no surprise – rhead brothers
- kumpulan lirik lagu zinoleesky › lirik lagu many things – zinoleesky
- kumpulan lirik lagu calvary ministries › lirik lagu ebitubaako – calvary ministries
- kumpulan lirik lagu yonidas › lirik lagu sale – yonidas
- kumpulan lirik lagu papi hans › lirik lagu добро дете (dobro dete) – papi hans
- kumpulan lirik lagu anitta hitmaker › lirik lagu nu – anitta & hitmaker
- kumpulan lirik lagu glass castles › lirik lagu fake it – glass castles
- kumpulan lirik lagu shxnen › lirik lagu vlog! – shxnen
- kumpulan lirik lagu three dimensional tanx › lirik lagu backseat driver – three dimensional tanx
- kumpulan lirik lagu сява syava › lirik lagu джимми джимми (jimmi jimmi) – сява (syava)