lirikcinta.com
a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 #

lirik lagu criogal cridhe – runrig

Loading...

[verse 1]
’s iomadh oidhche fhliuch is thioram
sìde nan seachd sian
gheibheadh criogal dhòmhsa creagan
ris an gabhainn dìon

[verse 2]
eudail mhòir a shluaigh an domhain
dhòirt iad d’ fhuil an*dè
’s chuir iad do cheann air stob daraich
tacan beag bho d’ chrè

[chorus]
hòbhan hòbhan hòbhan ìri
hòbhan ìri ò
hòbhan hòbhan hòbhan ìri
’s mòr mo mhulad, ’s mòr

[verse 3]
b’ annsa bhith le criogal cridhe
teàrnadh chruidh le gleann
na le baran mòr na dalach
sìoda geal mum cheann

[chorus]
hòbhan hòbhan hòbhan ìri
hòbhan ìri ò
hòbhan hòbhan hòbhan ìri
’s mòr mo mhulad, ’s mòr
[verse 4]
nuair bhios mnathan òg a’ bhaile
nochd nan cadal sèimh
’s ann a bhios mis’ air bruaich do lice
bualadh mo dha làimh

[chorus]
hòbhan hòbhan hòbhan ìri
hòbhan iri ò
hòbhan hòbhan hòbhan ìri
’s mòr mo mhulad, ’s mòr

lirik lagu lainnya :

YANG LAGI NGE-TRENDS...

Loading...